Chuireadh Comann Uibhist agus Bharraigh Ghlaschu air bhonn ann an 1888. Chaidh a st�idheachadh airson taic is cuideachadh a thoirt do na daoine sin a bha air a thighinn don bhaile mh�r � eileanan Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, �irisgeigh agus Barraigh.�

Bha an taic seo ann an d�igh a bhith ag adhartachadh d�imh c�irdeil is s�isealta am measg nan daoine �s na h-eileanan sin. Bha iad air an dachaighean fh�gail a shireadh cosnaidh ann am baile m�r Ghlaschu agus ann an �iteachan eile.

 

Chan eil m�ran de dh�fhiosrachadh sgr�obhte ri fhaotainn mun a� chiad d� bhliadhna.� Ach, tha ge�rr-chunntas na coinneimh a chumadh air 1ad latha den Ch�itein 1890 ri fhaotainn, aig �m a bha a� chomataidh st�idhichte gu deagh �re. Bha coinneamhan m�osail gan cur air d�igh agus gan cumail ann an Se�mraichean Bhatarl� ann an Glaschu. Chaidh Bonn-st�idh agus Riaghailtean a chur ri ch�ile agus thugadh a-steach ballrachd. Th�isicheadh air Cruinneachaidhean Bliadhnail ann an cruth chuirmean-ci�il agus dhannsaichean. Thathar a� faicinn gun robh 700 gu 800 neach an l�thair aig aon de na Cruinneachaidhean. Bha taic ionmholta ga fhaighinn aig an �m. Dh�fh�s e follaiseach gun fheumaist amasan is cinn-uidhe eile a bheachdachadh a thuilleadh air a bhith a� solarachadh taic ionmhasail dhaibhsan a bha ann am m�r-�is. Bha e cudromach gun robh c�nan is cultar na G�idhlig air an cumail be� agus air an cur an gn�omh ann am baile Ghlaschu.

 

Tha na seann ghe�rr-chunntasan a� nochdadh cunntas mionaideach agus m�orbhaileach air eachdraidh a� Chomainn.� Bha soirbheachas� ann ach bha droch amannan ann cuideachd gu h-�raid aig �m nan cogaidhean, a� t�iseachadh le cogadh nam Boer agus an uair sin a� Chiad Chogadh M�r �s an D�rna Cogadh M�r. Tha e iongantach gun d� fhuair iad buaidh air na cruadalan fad nam bliadhnaichean sin agus gun do ghl�idh iad am beatha sh�isealta.

 

Ann an 1944 chaidh Farpais P�obaireachd Uibhist is Bharraigh Ghlaschu a chur air bhonn.� Tha e a-nis mar aon de na farpaisean as cli�itiche ann an saoghal na p�obaireachd agus thathar ga chumail sa Mh�rt gach bliadhna.

Ann an 1952 chaidh Suaicheantas a� Chomainn a dhealbhadh agus chaidh gabhail ris. Bha e ri chleachdadh air gach obair p�ipeir co-cheangailte ris a� Chomann agus tha an cleas sin a� leantainn air adhart chun an latha an-diugh.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh�fhalbh, tha an Comann air a bhith a� r�nachadh agus ag amas air an obair a chumail a� dol, a th�isich ar sinnsearan o chionn c�rr agus ceud bliadhna.

Tha sinn a� cumail 5 dannsaichean-c�ilidh eadar an D�mhair agus a� Ghiblean,� a thuilleadh air Dinnear/Dannsa Cruinneachaidh san t-Samhain agus Dannsa na Bliadhn� �ire san Fhaoilleach.� Tha an dannsa seo a� faighinn taic mh�r bhon ghinealach a tha nas �ige.

 

Tha ar coinneamhan m�osail a� gabhail �ite bhon t-Sultain chun a� Ghiblein agus tha ar Coinneamh Bhliadhnail ga cumail sa Ch�itean.

Tha sinn a� leantainn air adhart a� cur taic ri B�ta-teasairginn Eilean Bharraigh agus M�d Ionadail Ghlaschu.

Cuideachd, tha sinn a� d�anamh uaill �s an �ran againn fh�n �Comunn Uibhist is Bharraigh� a chaidh a sgr�obhadh le Ruairidh MacAoidh, B�rd Iolaraigh ann an Uibhist a Tuath.

 

 

Chomharraich Comann Uibhist agus Bharraigh Ghlaschu an 125mh ceann-bliadhna le S�r Chuirm-chi�il air Dihaoine 22 Samahin 2013 ann an Talla Mh�r Phartaig ann an Glaschu.

Bha c�rr air 200 neach an l�thair aig a� chuirm-chi�il �s iad air tighinn bho cho fada air falbh ri Lunnainn, Inbhir The�rsa, na h-Uibhistean is Barraigh, agus m�ran �iteachan eile air feadh na d�thcha.

Is e seo p�irt den �raid buidheachais aig an R�naire, M�iri Bell NicDh�mhnaill:-

�Chan fhaod sinn d�ochuimhneachadh gu br�th na h-adhbharan a tha sinn an seo. Tha sinn an seo oir ann an 1888 th�inig �ireamh bheag de dhaoine treun c�mhla agus chuir iad air bhonn Comann Uibhist agus Bharraigh Ghlaschu, agus mar sin bu ch�ir dhuinn aig an �m seo buidheachas a nochdadh dhaibhsan uile nach eil c�mhla rinn tuilleadh. B�e daoine l�idir d�cheallach a bh� annta.

�O chionn 125 bliadhna air sg�th bochdainn anns na h-eileanan, dh�fh�g iad an dachaighean agus an teaghlaichean mar sin, tuigidh sibh an aonranachd a dh�fhuiling iad. Taing dhaibh airson an s�r-smaoin agus an tuigse, gus ar c�nan, ar ce�l, ar dannsa agus ar cultar a chumail be�, a chumail a� dol air adhart ann am Baile-m�r Ghlaschu, bu ch�ir dhuinn a bhith uasal �s uile. Feumaidh sinn a bheathachadh, c�ram a ghabhail �s, agus a chumail be� air an sg�th-san agus mar chuimhneachan orrasan agus air ar sg�th fh�n agus air sg�th nan ginealaichean ri teachd.�

Text Box: Glasgow Uist & Barra Association

EACHDRAIDH